A Port (Straloch) / Alasdair a Gleanna Garradh

06:17
James Ruff
Sileas na Ceapaich

Story

Performed at BEMF Fringe 2013

Lyrics

Alasdair a Gleanna Garadh

Alastair of Glengarry

 

 

Alasdair a Gleanna Garadh
Thug thu’n diugh gal air mo shùilean;
‘S beag iongnadh mi bhith trom-chreuchdach,
Gur tric gar reubadh as ùr sinn.
‘S deachdair dhomh-sa
bhith gun osnaich
Meud an dosgaich
air mo chàirdibh;
Gur tric an t-eug oirnn
ag gearradh,
Taghadh nan darag is àirde.

Alexander of Glengarry, today you have brought weeping to my eyes;
Small wonder that I should be sore wounded,
Often are we plundered a-new.  It would be hard for me to be without sorrow
Equal to the calamity that has come upon my kin; 
Death is frequently cutting off from us, the best and tallest of the oaks.

 

 

Chaill sinn ionann agus còmhla
Sir Domhnull a mhac ‘s a bhràthair.
Ciod am fàth dhuinn bhith ‘gar gearan?
dh’fhan Mac Mhic Ailean ‘s a’ bhlàr uainn.
Chaill sinn darag làidir liathghlas
Bha cumail dion air a chàirdibh,
Capull-coille bhàrr na giùsaich,
seabhag sùlghorm, lùthmhor, làidir.

We lost in the same way and together Sir Donald, his son and his brother. 
What reason for us to complain? 
Clan Ranald remained on the battlefield;
We have lost a strong, grey oak which protected its people,
A woodcock from the pine wood, a hawk, blue-eyed, muscular, powerful.

 

 

Bu tu ceann
air céill ‘s air comhairl’
Anns gach gnothuch
am bi cùram,
Aghaidh shoilleir,
sholta, thlachdmhor,
Cridhe fial farsaing man chùinneadh.
Bu tu rogha nan sàr-ghaisgeach,
Ar guala thaice,
‘s tu a b’fhiùghail;
Leomhann smiorail,
fearail, feumail,
Ceann feachda
chaill Seumas Stiùbhart.

You were leader
in wisdom and counsel
In all matters
of responsibility;
A bright, pleasant,
handsome face,
Heart generous
and liberal with money. 
You were the choicest
of the warriors, Our shoulder for support, and most worthy; A lion courageous,
manly and effective,
Leader whom
James Stewart has lost.

 

 

Guidheam d’anam
a bhith sàbhailt
Bhon a chàradh
anns an ùir thu;

I pray your soul
be safe
Now that you have been buried in the soil.

Guidheam sonas
air na dh’fhàg thu

I pray happiness
for those you have left

Ann ad àros
‘s ann ad dhùthaich:
Guidheam do mhac
bhith nad àite
Ann an saibhreas
‘s ann an cùram:

In your home
and in your land. 
I pray your son
be in your place,
In wealth
and responsibility. 

Alasdair a Gleanna Garadh,
Thug thu’n diugh gal
air mo shùilean.

Alexander of Glengarry
today you have brought weeping to my eyes.

My Email List

For latest updates, add your email address here!


Upcoming Concerts

  • 12/14/2017
    Stone Church Center - Bellows Falls, VT
     
  • 07/31/2018
    Coláiste Pobail Osraí - Kilkenny,
     
  • 11/02/2018
    St. Paul's School - Concord, NH
     

Listen Here